header image

Faoilleach – January 2010

Posted by: | January 27, 2010 | 1 Comment |

Failte air Eubha, Thomas, Oscar agus Jessica dhan sgoil-araich!
A big welcome to Eubha, Thomas, Oscar and Jessica to the sgoil-araich!
Seo dealbh no dha air na tha sinn a bhidh deanamh!
Here are some photos of what we have been up to!

under: Uncategorized

under: Uncategorized

under: Uncategorized

under: Uncategorized

under: Uncategorized

Samhna – Halloween – 30.10.09

Posted by: | November 6, 2009 | No Comment |

under: Uncategorized

Samhradh 2009 – Summer 2009

Posted by: | August 21, 2009 | No Comment |

under: Uncategorized

Cuairt Litir – Newsletter

Posted by: | July 13, 2009 | 2 Comments |

 

CUAIRT-LITIR

 

SGOIL-ARAICH SHLEITE  -  An t-Og Mhios 09

 

Tha na làithean saora Samhraidh gu bhi againn.  Seall na rinn sinn air teirm 3:

 

1.    Garradh

Chuir sinn currain, buntàta, liotas, sùbhan-lair, courgette agus flùraichean anns a ghàrradh am bliadhna.  Tha sinn air a bhi Ghabh sinn uidh mhòr anns na boiteagan agus na biastagan anns an ùir cuideachd.

 

 

 

 

 

 

 

 


2.    Turas gu Clann Dòmhnaill

Chaidh sinn air cuairt a choimhead air na flùraichean a bha fàs agus na diofar dathan.  Cuideachd chaidh sinn a choimhead air a chaisteal ‘s chluich sinn falach-fead fhads a bha sinn ann. 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

3. Dachaighean

Rinn sinn taighean a mach a sgudal, lego, peant agus collage.  Lorg sinn diofar dachaighean air a chomputair.  Bhruidhinn sinn air na cumaidhean anns na h-uinneagan, doruis, mullaich etc.  Choimhead sinn air dealbhan de thaighean bho air fheadh an t-saoghal ann leabhraichean.  Sgriobh feadhainn againn leabharaichean mun na dachaighean againn fhein agus na peataichean againn.  Bhruidhinn sinn air taighean air a dheanamh a mach a fiodh, sneachda, clach etc  agus rinn

sinn dealbh-chluich mun na “Tri Mucan Beaga”.

 

 

 

 

 

 


4.    Coimhead as dèidh ….

Aon dhen na rudan a bha sinn a coimhead air ‘se a bhi coimhead as dèidh plantaichean agus sinn fhein ‘s mar sin thainig Shonnie a stigh le beibidh Jessica ‘s chuidich sinn i le bhi ga glanadh, cuir aodach orra ‘s ga biadhadh.  Chord seo math leinn agus chùm feadhainn againn oirnn le bhi

deanamh an aon rud air na dollagan sa Sgoil-Araich.

 

 

5. Turas gu SMO

Chaidh sinn a choimhead air Domhnall Iain ‘sna taighean-glainne aige ‘s dh’innis e dhuinn

na rudan a bha e fàs unnda.

Choimhead sinn air an inneal

ath-chuartachaidh “Hannah” ‘s sheall e

dhuinn an taigh-bhoiteagan.

Dh’fhalbh sinn an uairsin suas air “lift” anns

an tùir àrd ‘s abair gun robh a h-uile càil a

coimhead beag gu h-iosal!

 

6. Ealain

Tha sinn fhathast a sàs ann obair ealain comhla ri Julie agus Cath ‘s fhuair sinn cothrom a dhol gu Clann Dòmhnaill  airson  peantadh an turas seo.

 

 

 

7. “Sàbhailte, Laidir agus Saor”

Tha na buithean-obrach air a bhi ruith againn ‘s tha sinn a faighinn cothrom cluich le pupaidean as deidh laimh.

 

 

 

 

 

 

 


8. Là Spòrs

Bha deagh latha againn ‘s dh’fheuch sinn ar dìcheall as na rèisean. 

 

 

 

 

 

9.Turas a Chille Mhoire

Chaidh sinn air a bhus le Clas 1+2 airson coimhead air na taighean-tughaidh mar phairt dhen chuspair  “Dachaighean”

a bha sinn fhein agus iadsan a deanamh.  Dh’ionnsaich sinn mu’n na seann-laithean ‘s de na rudan a bhiodh iad a cleachdadh m.e. monadh, beairt, crann etc.

 

 

 

 

 


10.Turas gu Rhù-Phòll

Chaidh sinn  a choimhead air na sìthichean a bh’air

“Tilleadh Dhachaidh” ‘s chaidh an deanamh le “Rag,Tag’nTextile” a mach à aodach a bh’air an ath-chuartachadh. Abair làtha-dhruidheil!

 

 

 

11. Là Spòrs Earraich

Rinn sinn cèicean airson  reic .  Taing dhan a h-uile duine a chuidich. Bha fior dheagh latha againn.

 

 

 

 

 

Tha sinn a nis a coimhead air adhart leis an ath-bhliadhn’ ‘s 5 ùr a tighinn a steach.  Gu mì-fhortanach bi sinn a call Rodachan, Rachel agus Louis ach tha sinn an làn dùil gun còrd sgoil riutha.

Deagh làithean-saora dhuibh uile.  Tha sinn daonnan a coimhead airson ur beachdan  ‘s ma tha gearrain sam bi agaibh no ma tha sibh dìreach airson a bruidhinn leinn, cuir fios thugainn.

 

Mar sin leibh

 

Marion & Sandra

 

under: Uncategorized
Sgoil-Araich – Air Iomlaid – Clan Donald Centre
under: Uncategorized

Bruth air an dealbh airson na dealbhan air fad fhaicinn. Click on the picture to see the gallery.

Kilmuir – Sgoil Araich
under: Uncategorized

Older Posts »

Categories